Fàilte don Eilean Sgitheanach

Tha sinn a’ cur fàilte is furan air a h-uile aoigh againn don An Fhraoch Gheal, a tha ri taobh cidhe Chaol Acain, baile iasgaich àlainn anns an Eilean sheunta Sgitheanach! Tha sealladh air leth againn mu choinneimh tobhtaichean Caisteal Maol, caisteal nan Lochlannach is Clann MhicFhionghain, agus sinn a’ coimhead a-null air loch mara, cidhe iasgaich, beanntan agus seann chaisteal - sealladh brèagha às am faighear tlachd is sibh a’ gabhail bracaist no fois ann am fear den dà sheòmar-suidhe againn!

Tha an t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse na sgìre air leth airson làithean-saora sònraichte agus tha sinn an dòchas gum bi an làrach-lìn againn feumail airson duine sam bith a tha am beachd a thighinn don sgìre sa; tha fiosrachadh do luchd-turais ann, ceanglaichean feumail air siubhal agus fiosrachadh air sealladh nas pearsanta air na tha ri dhèanamh fhad ‘s a bhios sibh an seo!!

‘S e àite air leth freagarrach a tha seo airson falbh a choiseachd is a streap an dà chuid anns an eilean no air tìr-mòr ann an sgìre Loch Aillse no Taobh Siar Rois, agus chan eil beanntan ainmeil a’ Chuiltheann no Peathraichean Chinn Tàile ach leth-uair a thìde air falbh sa chàr!

Tha siubhal air feadh an Eilein Sgitheanaich uabhasach soirbh bhon Fhraoch Gheal: tha an t-eilean air a roinn nan sgiathan no roinnean, a tha a’ dèanamh ullachadh air leth soirbh: Slèite, An Srath, Minginis, Bràcadal, Bhatarnais, Tròndairnis agus sgìre Phort Rìgh.

A chionn ‘s gu bheil sinn cho faisg air Drochaid an Eilein thèid aig na h-aoighean againn air siubhal air feadh tìr-mòr fhad ‘s a bhios iad an seo: gu a leithid Geàrr Loch, Ulapul, Gàrraidhean Inbhir Iùbh, Loch Ma Ruibhe, Loch Carran, Loch Nis, Gleann Eilg, A’ Chomraich, Toirbheartan, Inbhir Nis agus An Gearastan!

Tha pailteas dhealbhan is fiosrachaidh againn mun Fhraoch Gheal cuideachd, mar sin faodaidh sibh fhèin beachdachadh an e seo an t-àite as freagarraiche dhuibh fhèin fhad ‘s a tha sibh a’ rannsachadh an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse! A thaobh àite-fuirich, gheibhear an dà chuid an seo, àite a tha prìobhaideach is sìtheil an lùib seirbheis phroifeiseanta ris am bithte an dùil ann an taigh-òsta beag, agus àite-fuirich a tha dachaigheil le seirbheis nas pearsanta a gheibhear ann an Leabaidh is Bracaist! Tha sinn gar faicinn fhèin mar thaigh-òsta saor agus mar thaigh-aoigheachd meadhanach saor, fhad ‘s a bheir sinn iomadh rud a bharrachd seachad gus am faigh na h-aoighean againn luach an airgid!!

The White Heather Hotel, The Harbour, Kyleakin, Isle of Skye. Scotland. IV41 8PL.
Fòn: +44 (0)1599 534 577. Facs: +44 (0)1599 534 427. Post-d: info@whiteheatherhotel.co.uk

Airson fios air àiteachan-fuirich ann am Breatainn is Èirinn, tadhailibh air Hotels and Guest Houses Network

Aire: Cha bhi coire sam bith oirnn airson susbaint na làraich-lìn seo. Chan eil ach fiosrachadh coitcheann ann, is cha rachte an urras air fìreantachd an fhiosrachaidh a tha na lùib.